Coinneamh CVA Chaley Thistle an ath-mhìos

Pàirc ICTTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh luchd-rianachd Chaley Thistle Inbhir Nis gum bi coinneamh ann an ath-mhìos ri luchd-creideis feuch aonta a dhèanamh gus an cluba a thoirt a-mach a rianachd.

Thuirt BDO gu bheil iad a' gluasad air adhart le pròiseas CVA às dèidh do Chaley Thistle buannachadh 3-0 an aghaidh Obar Bhrothaig Disathairne - rud a tha a' ciallachadh gu bheil iad a-nise sàbhailte ann an Lìog 1.

Tha seo a dh'aindeoin is gun deach peanas 15 puingean orra nuair a chaidh an cluba ann an rianachd san Dàmhair.

Dh'fhoillsich BDO nas tràithe air a' mhìos seo gu bheil Ailean Savage air ainmeachadh mar an tagraiche roghnaichte 'son Caley Thistle Inbhir Nis a cheannach.

Tha Mgr Savage, a bha uair na chathraiche air ICT, air a bhith a' cumail taic-ionmhais ris a' chluba bho chaidh iad ann an rianachd.

Sa bhrath ùr, thuirt BDO gu bheil iad air adhartas mòr a dhèanamh a thaobh chnapan-starra a dh'fhoillsich iad roimhe.

'S iad na cnapan-starra as motha, thuirt iad:

  • Earrannan a' chluba uile a chur ann an làmhan Ailein Savage

  • Iasadan uile gu luchd-creideis a chur an dàrna taobh

  • Aonta le Companaidh Uachdarain Chaley Thistle gus fearann timcheall an stèideim a cheannach

Thuirt BDO gum bidh feum air aonta air na ceistean seo a bhith ann an àite ron choinneimh mun CVA air an 22na den Chèitean, is gum bu chòir do dhaoine le earrannan na foirmichean a thilleadh dhan chluba cho luath 's a ghabhas.

Thug iad rabhadh seachad mura tèid aonta a dhèanamh gur dòcha gun tèid tairgse Mhgr Savage a tharraing.

Tha iad ag ràdh nan tachradh sin gun rachadh ICT a chur a-mach às an SPFL, gun rachadh an cluba mar a tha e à bith, is nach biodh luach sam bith anns na h-earrannan.

Thuirt iad ge-tà, ma 's e is gun tèid CVA aontachadh, gum bi e comasach do Chaley Thistle tighinn a-mach à rianachd is an t-àite aca ann an Lìog 1 a ghlèidheadh.