Taisbeanadh mu bhùthan Chille Mhoire

Dinah Rankin
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Dinah Rankin an sàs ann an cur air dòigh an taisbeanaidh

  • Air fhoillseachadh

Tha taisbeanadh a' dol fad na seachdain ann an Talla Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach a' coimhead air na bha de bhùthan san sgìre uaireigin.

Tha dealbhan is fiosachadh ann mu chòrr air fichead bùth a bha sin uair, ach gun gin ann an-diugh.

'S iad Comann Eachdraidh Chille Mhoire a chuir an taisbeanadh air dòigh.

Iain Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Iain Dòmhnallach mòran fiosrachaidh o bhràthair athar nach maireann

'S e th' air a bhith ann am bùth ann an sgìre dhùthchail bho riamh ach àite cruinneachaidh do dhaoine, far am faicear nàbaidhean 's a gheibhear craic is naidheachdan - a bharrachd air messages.

Mar sin, tha iad a' piobrachadh cuimhne ann an daoine air daoine a bh' ann roimhe.

Tha sin dualtach ùidh dhaoine a ghlacadh, agus tha gu leòr dhaoine air a bhith a' tadhal air an taisbeanadh.

"Chan eil daoine air fhàgail aig an robh cuimhne air mòran de na bùthainnean," thuirt Dinah Rankin, à Cille MoLuaig.

"'S e a bhith a' smaoineachadh air an fheadhainn a bha òg anns an sgìre, 's an uair sin a' feuchainn ri grèim fhaighinn orrasan."

Taisbeanadh

"Bha sinn a' smaointinn gun robh an t-àm ceart airson sin a dhèanamh," thuirt Iain Dòmhnallach à Cille Mhoire.

"Nan robh sinne dìreach a' tòiseachadh an-diugh air seo cha bhiodh dòcha leth den fhiosrachadh againn.

"Chaill sinn daoine an-uiridh 's a' bhòn-uiridh bhon àite.

"Bha bràthair m' athar, bha e 103, 's chaochail esan an-uiridh, agus fhuair mise tòrr fiosrachaidh."

Taisbeanadh

Dhùin a mhòr-chuid de na bùthan san sgìre uaireigin an dèidh an Dàrna Cogaidh.

Mar a tha a' tachairt an-diugh, bha cùisean ag atharrachadh mun àm sin.

"100 bliadhna air ais, bha a h-uile càil anns na bùthainnean a bha sin a bha a dhìth air duine," thuirt Iain.

"So cha leigeadh iad a leas a dhol a dh'àite sam bith.

Na Stiùbhartaich

"Cha robh còmhdhail aca co-dhiù ach each is cairt dòcha. So cha b' urrainn dhaibh a dhol nas fhaide.

"Ach bha tòrr dhaoine a' fuireach ann an seo an uair sin.

"Ach às dèidh a' chogaidh, thàinig na bhanaichean timcheall."

Taisbeanadh