"'S e briseadh-dùil mòr a th' ann dhuinn"

Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad an dùil fiosrachadh a sgaoileadh ro dheireadh na seachdain mu sheirbheisean aiseig Uibhist.

Bha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas air gearan a dhèanamh nach tàinig freagairt bho ChalMac air suidheachadh nan aiseagan anns an eilean cola-deug às dèidh coinneimh èiginnich mun chùis.

Thuirt iad gun do gheall CalMac aig a' choinneimh coimhead ris na tha bàtaichean a' gabhail de luchd-siubhail.

Thuirt neach-leabhairt bho ChalMac gu bheil iad air a bhith a' rannsachadh roghainnean agus gu bheil e a' toirt ùine a dhol tromhpa.

Thuirt iad gu bheil iad an dùil fiosrachadh foirmeil a thoirt seachad nas fhaide air an t-seachdain seo mu dè a ghabhas a dhèanamh agus gun cum iad fios ris a' bhuidhinn ann an Uibhist a Deas.

Tha Raghnall MacCoinnich, a tha na mhanaidseir air gnothachas èisg an Uibhist, ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a th' ann nach tàinig pisech air seirbheisean fhathast.