Naidheachdan 11:00m

Taghaidhean Shasainn

Thuirt ceannard Reform, Nigel Farge, gur e toradh sònraichte a bh' ann dhan phàrtaidh aige 's iad a' buannachadh fo-thaghadh Runcorn and Helsby. Rinn Sarah Potchin a' chùis agus i dìreach sia bhòtaichean air thoiseach air an tagraiche Làbarach - am fo-thaghadh as fhaisge ann an eachdraidh phoilitigeach na Rìoghachd.

Le bhòtaichean fhathast gan cunntais às dèidh nan taghaidhean ionadail ann am pàirtean de Shasainn chaidh Mèaran Làbarach a thilleadh ann an Doncaster, Tyneside a Tuath agus Taobh Siar Shasainn. Chaidh Andrea Jenkyns aig Reform a thaghadh mar Mhèar airson Greater Lincolnshire.

Gàsa

Thàinig rabhadh bho bhuidhnean cobhair gu bheil Gàsa an impis gort fhulang dà mhìos bhon a thòisich Israel a' cur stad air biadh no dad eile a bhith a' faighinn a-steach dhan sgìre. Thuirt Comataidh Eadar-Nàiseanta na Croise Deirge gu bheil an iomairt aca ann an Gàsa cha mhòr air tuiteam às a chèile. Tha Israel ag ràdh gu bheil am bacadh air stuthan cobhair ag amas air cuideam a chur air Hamas na prìosanaich mu dheireadh aca a shaoradh.

Russel Brand

Nochd an craoladair agus cleasaiche Russell Brand ann an Cùirt nam Màighstirean-lagha ann an Westminster an-diugh a fhreagairt chasaidean de dh'èigneachadh agus ionnsaighean feise. Cha do rinn Brand, a tha 49, tagradh sam bith, agus chaidh a leigeil ma sgaoil air urras. Nochdaidh e anns a' chùirt a-rithist ann an ceithir seachdainnean, an turas seo aig an Old Bailey.

Uisge na h-Alba

Chaidh dàil rè ùine a chur air stailc aig Uisge na h-Alba agus na h-aonaidhean ciùird ag ràdh gu bheil còmhraidhean cuideachail air a bhith aca leis a' chompanaidh stàite. Bha dùil gun coisicheadh na ceudan luchd-obrach a-mach an-diugh sa mhadainn mar thoradh air eas-aonta mu àrdachadh pàighidh. Aig an ìre seo tha stailc eile a chaidh a ghairm airson Dimàirt an ath-sheachdain fhathast a' gabhail àite, ach coinnichidh an dà thaobh a-rithist Diluain.

An AfD

Chaidh am partaidh Gearmailteach an AfD ainmeachadh mar "bhuidheann fìor radaigeach" le seirbheis tèarainteachd na dùthcha. Bha pàirtean den AfD cleas a' mheur òigridh aca mar thà clàraichte mar fhìor radaigich, agus tha seo a-niste ga leudachadh dhan phartaidh gu lèir. Nì seo nas fhasa e dha na h-ùghdarrasan sùil dìomhair a chumail air dol-a-mach a' phartaidh, agus dh'fhaodadh gum bi e nas duilghe dhaibh buill ùra a tharraing thuca.

Obar Dheathain

Agus coinnichidh feadhainn a chailleas an dachannan ann an Obar Dheathain seach gun deach an togail le concrait RAC ri ministear taigheadais na h-Alba an-diugh. Tha comhairle a' bhaile an dùil còrr is 500 taigh a leagail agus an ath-thogail. Ach tha cuid de shealbhadairean prìobhaideach a' diùltadh an dachannan a reic ris an ùghdarras agus iad ag ràdh gun cailleadh iad na deichean mhìltean notaichean. Thuirt Riaghaltas na h-Alba ron seo gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte barrachd airgid a lorg airson daoine a chuideachadh.