Am BBC air innealan gutha

Air ùrachadh: 26 An Dàmhair 2022

Gheibhear stuthan a’ BhBC tro innealan gutha Amazon Echo is Google Home. Bheir sinn taic do dh’innealan gutha eile rè ùine.

Dè na stuthan BBC a gheibhear air Google Home?

BBC Sounds

Faodar èisteachd ri na stèiseanan rèidio BBC as fheàrr leat. Can: “Ok Google, play BBC [stèisean rèidio]”. Lorg gach stèisean rèidio a th’ aig a’ BhBC.

Naidheachdan

Tha BBC Naidheachdan, Naidheachdan World Service agus BBC Minute air fad rim faighinn. Can: “OK, Google, play the news”. Leugh mar a chuireas tu goireasan naidheachd air dòigh ann an app Google Home.

An-dràsta, chan fheum thu logadh a-steach gud chunntas BBC airson Google Home a chleachdadh.

Dè na stuthan bhon BhBC a gheibhear air Amazon Echo?

BBC Sounds 

Le Skill a’ BhBC, faodar èisteachd beò ri stèiseanan rèidio a’ BhBC air fad agus ar susbaint air iarrtas air fad a chluich, a’ gabhail a-steach phrògraman, podcastan agus measgachaidhean ciùil.

Cuir eòlas air òrduighean airson BBC Sounds air Amazon Echo/Alexa.

Naidheachdan eadar-ghnìomhach 

Airson na naidheachdan as ùire fhaighinn, can “Give me BBC News” ri inneal Alexa sam bith.

Airson gluasad tro na sgeulachdan: “Alexa, next”.

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu sgeulachd shònraichte: “Alexa, more from the BBC”.

Flash Briefings

Tha BBC Naidheachdan, BBC Sport, BBC Business, Naidheachdan World Service agus BBC Minute air fad rim faighinn mar Flash Briefings. Can: “Alexa, play my Flash Briefing”. Leugh mar a chuireas tu Flash Briefings air dòigh ann an app Alexa

Ma tha inneal Amazon le sgrion agad, leithid an Echo Show no Echo Spot, gheibh thu Flash Briefings BBC Naidheachdan mar bhidio.

Ciamar a gheibh mi BBC Skill air Amazon Echo?

Airson Skill a’ BhBC a chur an comas gu fèin-obrachail, can: “Alexa, open the BBC”. Neo, faodaidh tu Skill a’ BhBC a lorg agus a chur an comas tro app no làrach-lìn Alexa. Tha e an-asgaidh.

An uair sin feumaidh tu do chunntas BBC a cheangal ris an inneal gutha. Airson sin a dhèanamh, cliog air a’ phutan Seataidhean airson Skill a’ BhBC ann an app Alexa.

Mura bheil cunntas BBC agad, faodaidh tu clàradh airson fear an seo – rud a tha luath is sìmplidh. Feumaidh tu a bhith nas sine na 13 gus na cunntais a cheangal. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a bhios sinn a’ cumail d’ fhiosrachadh tèarainte, tadhail air D’ fhiosrachadh & Do Phrìobhaideachd.

Airson ‘s gun obraich Skill a’ BhBC, feumaidh cànan Alexa a bhith suidhichte aig Beurla (RA) seach Beurla (SA). Airson fiosrachadh nas mionaidiche mu bhith stèidheachadh skills, rach gu duilleag Cuir Air Alexa Skills air Amazon.

Taic le bhith a’ cleachdadh  Skill a’ BhBC

Nuair a tha thu a’ cleachdadh Skill a’ BhBC, ‘s urrainn rian a chumail air na stuthan ris a bheil thu ag èisteachd le stiùireadh guth. The e cho sìmplidh sin.

Airson an skill a thòiseachadh, can “Alexa, open the BBC”.

Gus do chuideachadh tòiseachadh air an seo, thèid faighneachd dhut dè an stèisean rèidio, prògram no podcast a chòrdadh e riut a chluinntinn nuair a thèid thu gu Skill a’ BhBC airson a’ chiad uair. Neo, airson faighinn gu na rudan as fheàrr sa bhad, can “Alexa, ask BBC to play [stèisean rèidio, prògram no podcast]”.

Duilgheadasan le bhith a’ cluich phrògraman BBC air innealan Amazon Echo

Tha sinn mothachail gu bheil duilgheadasan aig cuid den luchd-cleachdaidh le bhith a’ cluich stèiseanan agus prògraman BBC air innealan Amazon Echo. Mar eisimpleir, uaireannan chan fhaighear lorg air stèisean no prògram, uaireannan cha chluich iad, neo bidh an ceangal a’ fàilneachadh.

Tha sinn a’ toirt sùil air an seo cuide ri Amazon. Aig an ìre seo, faodar na leanas fheuchainn:

Nì sinn ùrachadh air an fhiosrachadh seo nuair a tha stiùireadh eile againn.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: