Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Chuir Rùnaire Stàite nan Stàitean Aonaichte fàilte air an aonta eadar an dùthaich aige agus an Ucràin mu mhinearalan. Thuirt Marco Rubio gur e ceum cudromach a th' ann ann a bhith a' toirt a' chogaidh leis an Ruis gu crìch. Chaidh an t-aonta a ruigheachd às dèidh mhìosan de chòmhraidhean, agus cruthaichidh e maoin airson bun-structar na h-Ucràin ath-thogail.

Aig a' cheart àm tha oifigich Ucràinianach ag ràdh gun deach dithis a mharbhadh agus 15 a leòn ann an ionnsaigh dhròna air baile Odesa. Thuirt ceannard roinneil na sgìre gun deach togalaichean agus sgoil a mhilleadh anns an ionnsaigh an-raoir.

Jagtar Singh Johal

Tha buill-phàrlamaid is morairean air sgrìobhadh gu Rùnaire Cèine na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh air gluasad gu grad airson saorsa fhaighinn do dh'Albannach a tha na phrìosanach anns na h-ìnnseachan. Chaidh Jagtar Singh Johal à Dùn Bhreatann a chur an grèim ann an 2017 fo amharas gun robh e an sàs ann an obair ceannairc. Cha deach a dhìteadh airson eucoir sam bith, agus anns a' Mhàrt chaidh fhaighinn neo-chiontach air aon de na naoi casaidean na aghaidh.

Ball-coise nam Ban

Tha Comann Ball-Coise Shasainn air eisimpleir an SFA a leantainn agus iad air co-dhùnadh nach fhaod boireannaich thar-ghnèitheach a bhith a' cluiche ann am ball-coise nam ban. Thuirt an FA o chionn ghoirid gu bheil seo a' leantainn air breith na Prìomh Chùirteach air dè th' ann am boireannach fo Achd na Co-ionnanachd. Thuirt an Comann gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil seo gu bhith na bhriseadh-dùil eagalach do dh'fheadhainn nach eil ach airson ball-coise a chluich anns a' ghnè anns a bheil iad gan aithneachadh fhèin. Thèid na riaghailtean ùra a chur an sàs ann an Sasainn aig toiseach na h-ath-mhìos, agus ann an Alba aig toiseach an ath sheusain.

Taghaidhean Shasainn

Tha na stèiseanan bhòtaidh fosgailte ann am mòran de Shasainn an-diugh airson taghaidhean ionadail agus Mèarail. Tha còrr is 1,600 suidheachan comhairle gan taghadh, cuide ri sia Mèaran. Thèid fo-thaghadh a chumail ann an Cheshire airson ball-pàrlamaid ùr a thaghadh do Runcorn agus Helsby.

Port-Adhair Ghlaschu

Dh'àrdaich na tha e a' cosg do dhràibhearan a bhith a' fàgail agus a' togail dhaoine aig Port-Adhair Ghlaschu gu £6 - suas 50sg. Bheir seo cead do chàraichean feitheamh airson cairteal na h-uarach anns an àite-parcaidh faisg air an sòna-imeachd. Às dèidh sin cosgaidh e £1 airson gach mionaid a bharrachd a dh'fhanas iad aig an làraich.

Mosgitothan

Airson a' chiad uair chaidh mosgitothan a lorg ann an Sealtainn. Chaidh an lorg mar phàirt de phròiseact saidheans phoblach air a ruith le Oilthigh Ghlaschu. Tha còrr is 20 diofar ghnè de na biastagan a-niste a' tighinn beò ann an Alba, ach tha eòlaichean ag ràdh nach eil gin dhiubh nan cunnart do shlàinte.