Plana ùr airson fàs eaconamach an ceann a tuath na h-Alba

Èirisgeigh bhon adhair Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh ro-innleachd ùr airson fàs a thoirt air eaconamaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean thairis air an ath dheich bliadhna fhoillseachadh.

'S e Caidreachas Eaconamach Roinneil na Gàidhealtachd agus nan Eilean, HIREP, co-bhanntachd de bhuidhnean poblach, prìobhaideach, acadaimigeach agus bhon treas roinn, a dhealbh am plana.

Tha iad ag amas air na milleanan notaichean a bharrachd a chur ris an eaconamaidh, le na mìltean chosnaidhean an lùib sin.

Tha an ro-innleachd ag amas air dèiligeadh ris na rudan a tha a' toirt droch bhuaidh air gnìomhachasan agus coimhearsnachdan na sgìre, an leithid cion taigheadais, cosgaisean àrda bith-beò, crìonadh sluaigh, seirbheisean còmhdhail agus ceanglaichean didseatach.

Bidh fòcas aca air cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh airson amasan carbon neòdrach a ruighinn, agus buannachdan coimhearsnachd fhaighinn às an sin,

Tha iad cuideachd ag aithneachadh gu bheil trèanadh a dhìth gus am bi na sgilean ceart aig luchd-obrach sa sgìre.

Tuath-gaoithe ann an GallaibhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha leasachadh cumhachd ath-nuadhachail mar phàirt den ro-innleachd ùir

Thuirt Cathraiche HIREP, an Comhairliche Reamonn Bremner, Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, gur e "sgìre a th' anns a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan le comas air leth".

"'S ann mun sin a tha an ro-innleachd seo. 'S e ceum a th' ann san obair againn còmhla sgìre sheasmhach, spionnmhor, shoirbheachail agus cheangailte a chruthachadh," thuirt e.

Chaidh HIREP a stèidheachadh ann an 2021 a' toirt ri chèile grunn bhuidhnean a chùm buannachd eaconomaigich a' chinn a tuath agus gus dèiligeadh ris na cnapan-starra a tha mu choinneamh sin.

Am measg nam ball, tha trì ùghdarrasan ionadail, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, HITRANS, Coimisean na Croitearachd agus riochdairean gnìomhachais agus na treas roinne.